Plana Gàidhlig


Tha sinn ag aithneachadh aig VisitScotland gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, fèin-aithne is cultar na h-Alba, gu h-àraid nuair a tha sinn a' margaideachd na h-Alba don luchd-tadhail. 

 

A rèir sgrùdadh beachdan luchd-tadhail ann an 2011-2012, bha ùidh aig 51% de luchd-tadhail anns a' Ghàidhlig agus a cultar agus bu mhath leotha barrachd ionnsachadh mu deidhinn.

 

Tha am Plana Gàidhlig againn ag aithneachadh ùidh an luchd-tadhail againn cho math ri cudromachd seasmhachd na Gàidhlig san fhad-ùine. Tha am Plana a' mìneachadh prìomh gheallaidhean na buidhne ann an roinnean chudromach a leithid aithne chorporra, soidhnichean agus conaltradh poblach is cleachdadh na Gàidhlig air an làraich-lìn luchd-cleachdaidh againn – www.visitscotland.com.

 

Tha sinn air grunn gheallaidhean a choilionadh bhon a dh'fhoillsich sinn a' chiad Phlana Gàidhlig againn a leithid:

Am Plana Gàidhlig 2012-2015: 

'S e plana trì-bliadhna a th' anns a' Phlana Ghàidhlig againn a chaidh a dhealbh le riochdairean air feadh na buidhne, aig an robh agus aig nach robh a' Ghàidhlig. Chaidh am plana a sgaoileadh airson beachdachadh poblach mus deach a chrìochnachadh ann an 2010. Chaidh am Plana ullachadh a rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Chìthear am plana deireannach gu h-ìosal.

PDF documentVisitScotland Plana Gaidhlig - size 631kb

Delivering for tourism Image of front cover of document VisitScotland activity highlights VisitScotland activity
Working for Us VisitScotland employees Job vacancies at VisitScotland Vacancies
Holidays in Scotland People Link to VisitScotland's Holiday site Holiday Information